|
An Eala Bhan |
|
Gur duilich leam mar tha mi |
|
'S mo chridhe 'n sas aig bron |
|
Bhon an uair a dh'fhag mi |
|
Beanntan ard a' cheo |
|
Gleanntannan a'mhanrain |
|
Nan loch, nam bagh 's nan srom |
|
'S an eala bhan tha tamh ann |
|
Gach la air 'm bheil mi 'n toir. |
|
A Mhagaidh na bi tursach |
|
A ruin, ged gheibhinn bas- |
|
Co am fear am measg an t-sluaigh |
|
A mhaireas buan gu brath? |
|
Chan eil sinn uile ach air chuairt |
|
Mar dhithein buaile fas |
|
Bheir siantannan na blianna sios |
|
'S nach tog a' ghrian an aird. |
|
Tha 'n talamh leir mun cuairt dhiom |
|
'Na mheallan suas 's na neoil; |
|
Aig na 'shells a' bualadh - |
|
Cha leir dhomh bhuam le ceo: |
|
Gun chlaisneachd aig mo chluasan |
|
Le fuaim a' ghunna mhoir; |
|
Ach ged tha 'n uair seo cruaidh orm |
|
Tha mo smuaintean air NicLeoid. |
|
Air m' uilinn anns na truinnsichean |
|
Tha m' inntinn ort, a ghraidh; |
|
Nam chadal bidh mi a' bruadar ort |
|
Cha dualach dhomh bhith slan; |
|
Tha m' aigne air a lionadh |
|
Le cianalas cho lan |
|
'S a'ghruag a dh'fhas cho ruadh orm |
|
A nis air thuar bhith ban |
|
Oidhche mhath leat fhein, a ruin |
|
Nad leabaidh chubhraidh bhlath; |
|
Cadal samhach air a chul |
|
Do dhusgadh sunndach slan |
|
Tha mise 'n seo 's an truinnsidh fhuar |
|
'S nam chluasan fuaim bhais |
|
Gun duil ri faighinn as le buaidh - |
|
Tha 'n cuan cho buan ri shnamh. |