|
Ma's ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu, |
|
Ma's ann 'gam mhealladh as deigh do gheallaidh, |
|
'Se luaidh do mholaidh ni mi gu brath, |
|
Ma's ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu. |
|
Righ! gur mise tha gu tursach, |
|
Gaol an iarla 'ga mo chiurradh, |
|
Tha na deoir a'sior-ruith o m' shuilean |
|
'S mo chridhe bruite le guin do ghraidh. |
|
Bha mi raoir leat 'na mo bhruadar |
|
Thall an Diura nam beann fuara, |
|
Bha do phogan mar bhiolair uaine - |
|
Ach dh'fhalbh am bruadar is dh'fhan an cradh. |
|
Thig, a ghaoil, agus duin mo shuilean |
|
'S a' chiste-chaoil far nach dean mi dusgadh, |
|
Cuir a sios mi an duslach Diurach, |
|
Oir 's ann 's an uir a ni mise tamh. |