|
Soraidh bhuam gu Barraidh |
|
Eilean's maisich tha fo'n ghrein |
|
Far an tric an robh mi sugradh |
|
'S le sunna a ruith na spreidh |
|
Gur lionmhor lus tha fas fo'n druchd |
|
Is deallt air uir as dheidh |
|
A' bheireadh slainte is muirneal dhuit |
|
Air maduinn chubhraidh cheit |
|
An am direadh ris a mhonadh |
|
Measg a' mhurain 'be mo mhiann |
|
Air feasgar fann's an fhoghar |
|
Nuair a chromadh air a ghrian |
|
Gum beathaicheadh am faladh thu |
|
Far luscan b'aille fiomh |
|
An aiteag chubhraidh aluinn |
|
Thig far bharr a' chain an iar |
|
An am eirigh anns an t'samhradh |
|
'Se bhith ann, bu mhor mo mhiann |
|
Gach iasgair 's e le bhata |
|
Dol gu aite a chuir na lion |
|
Nuair a charadh iad siuil shlan rith |
|
Air bharr nan tonnan liath |
|
Bu bhriagha a bhi ga faicinn |
|
Air a setadh dol dha'n iar |
|
'Se Barraidh an t-eilean 's boidhche |
|
Ann cho mor 's gun d'chur mi uigh |
|
Far an tric an do ghabh mi oran |
|
Measg non oighean maiseach ciuin |
|
'S ged tha mi'n duigh air m'aineol |
|
An Australia nan craobh |
|
Cha di-chuimhuich mi a Ghaidhlig |
|
Tha i sgriobhte 's a' chlar aig m'aois |