|
Geamhradh air chul dhuinn 's funchd an Dubhlachd |
|
Is gealladh earraich ris tighinn 'n ar smuain |
|
Aimsir dochais dh' aois 's dh' oighridh |
|
Agus aimsir solais a leigeil dheth suain |
|
Fluran a' dusgadh blath's a' lughas |
|
Is spionnadh as ur, an gaol bha'n inbhe dhol fuar |
|
Fluran a' dusgadh blath's a' lughas |
|
Is spionnadh as ur, an gaol bha'n inbhe dhol fuar |
|
Gradh geal an t-samhraidh cas-ruisgt' a deann-ruidh |
|
Is lathean sona ar leinn iad gun cheann |
|
Dearrsadh greine toirt uainn leirsinn |
|
A' dalladh ar ceile air saoghal mar bh'ann |
|
Seall ud am marach s'fiamh a' ghair air |
|
Tairgse dhuinn gradh nach fas fuar no fann |
|
Seall ud am marach s'fiamh a' ghair air |
|
Tairgse dhuinn gradh nach fas fuar no fann |
|
Oiteag an fhoghair fionnar thar fadhail |
|
Is arbhar fearrain nis buainte ri lar |
|
Dia ri mholadh 'son an toraidh |
|
Is Cruachan de chaonnadh fad' geamhraidh gu 'r blath's |
|
Duilleach a' seargadh measan cuid searbh dhuidh |
|
Is Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar graidh |
|
Duilleach a' seargadh measan cuid searbh dhuidh |
|
Is Roimhimm an dearbhadh air daighneachd ar graidh |
|
'Nuair thig an geamhradh reothadh mar lannsa |
|
Is storimean naimhdeil tigh'nn oirnne bho'n tuath |
|
Dhuinn mar choist e gaol g'e seasmhach |
|
'M faigh sinn an teisteanas maireannach buan |
|
Dorcha g'e laithean dluth dhuinn tha marach |
|
'S Earrach an aigh cur cagair 'n ar cluais |