Nuair a dh’fhag mi duthaich m’oige cha robh tuisleadh na mo cheum bha mi fagail bith gun chothrom cha robh fiughair ann no feum Nuair a rainig mi am baile b’e bha dearrsach dha mo shuil maiseachd nam buth-gill is praban bogh-frois leugach dha mo dhuil Fhuair mi cosnadh ann an aitreamh far an robh gach ti gun ainm ann an ceathach liath na saothrach a chuir siorraidheachd ‘s gach raith Mar na seilleanan ‘s na lannaibh rinnear traillean dhinn gu leir togadh maighstir long is luchairt cha b’ann dhuinne mil no ceir ‘S ged a fhuair mi leannan baigheal cha tug mise dhi a coir sgillean nach do lean na h-eachaibh dh’fhag mi ann an tigh an oil Thug I gaol dhomh nach do dh’iarr mi fantainn dileas tromh gach la bha mise air mo sheachran chianail ‘s cha do chunntais mi a cradh Cha b’ann gus a bhrist a cridhe ghabh mi aire do a brigh nuair a dhearc mi na mo thuaineal saibhreas bha mi ‘n impis dith Meud a gaoil a rinn o leigheas Tilleadh amais dha mo dheoin S’ le cheile streap sinn ceum an fheabhais Thug fainne ‘ n dochais dhuinn ar leor Thug fainne ‘ n dochais dhuinn ar leor