Language Of The Gaels - Dan ar Braz Cha b' e sneachda 's an reòthadh bho thuath Cha b' e 'n crannadh fuar bho 'n ear Cha b 'e 'n uisge 's an gailleon bho 'n iar Ach an galair a bhlean bho 'n deas Blàth duilleach stoc agus freumh Canan mo threubh 's mo shluaidh Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal Uair chite fear-feilidh 'sa ghleann Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt Ach spion iad a fhreumh as an fhonn 'N aite gàidhlig tha canan a Ghoill 'S a Ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn 'S tir mhajors is cholonels 'n diugh th' innt' Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal Far a nuas dhuinn na coinnleirean òir 'S annt' caraibh coinlean geal ceir Lasaibh suas iad an seòmair bhroin Tìgh-'aire seann chanan a' Ghae'l 'S sud o chionn fhad' thuirt a namh Ach fhathast tha beò canan a' Ghae'l Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal Ged theich i le beath' as na glinn Ged 's gann an diugh chluinntear i nis mo O Dhuthaich MhicAoidh fada tuath Gu ruig thu Druim-Uachdar nam bo Gigheal dhi na Eileanan Siar 'S i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam Féinn Thig thugainn thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan Gaidheal