作词 : R. Macdonald/C. Macdonald 作曲 : R. Macdonald/C. Macdonald Nuair a bha sinn òg is saor Thòisich sinn a seinn 'sa Ghàidhlig Sniomh ceòl is a sgriobhadh òrain 'S a' cluich 'nar còmhlan 'son ar beòshlaint O cho meallt is a tha an saoghal Dh'fhàg sinn eileanan an iar 'S thòisich sinn a cluich tro Alba is bha gnothaichean mar bu chòir Gun do nochd an duine mòr a Lunnainn O cho meallt is a tha an saoghal 'Abair ceòl a th'agaibh an seo O nach tig sibh còmhla riumsa Is nì sinn adhartas tron an t-saoghal Direach cuir t-ainm aig bonn a' phaipear O cho meallt is a tha an saoghal 'Chan atharraich mi an ceòl agaibh ann Chan atharraich mi na h-òrain Ghàidhlig' Ach chuala sinn mu dheireadh thall Na briagan 's na faclan falamh O cho meallt is a tha an saoghal Sibhse a tha òg agus saor Stad mus cuir sibh ainm ri paipear Is cùm a-mach sùil 'son nan daoine mòra An saoghal fuar tha ag adhradh airgead O cho meallt is a tha an saoghal O cho meallt is a tha an saoghal O cho meallt is a tha an saoghal