作曲 : Rory Macdonald/Calum Macdonald Air sgiath a' seòladh nan neòil ’S an domhain liath Mar dhealbh a' tighinn beò tro na sgòthan ’S mi tilleadh gu tìr Alba nam beanntan àrd Nan acraichean lom Thairis air na lochan mòintich Nan coilltean ’s nan gleann Alba, Alba Alba, Alba Ach ’s e sealladh leòinte is gann ’N seo aig ceann thall an linn Talamh àlainn nan daoine Fhathast an làmhan duine no dithis Cuibhlean stòlda mu dheas Na fàsaichean a tuath An taigh mòr falamh an Dùn Èideann Gun chùmhachd gun ghuth Alba, Alba Alba, Alba Sibhse chuir achadh ri achadh Taigh ri taigh Gus nach bi àit’ anns an tìr An gabh sibh còmhnaidh air leth Ach ’s math dhomh bhith seo an-dràst’ A’ cur fàilt’ air a’ bhlàths San tìr tha cho ùr dhomh an-diugh Is a bha i nuair bha mi nam phàist’ Alba, Alba Alba, Alba